Skip to main content

Aithris Prìobhaideachd

Bidh an làrach-lìn seo a’ cleachdadh Google Analytics, seirbheis mion-sgrùdaidh lìn a tha air a thoirt seachad le Google, Inc. ("Google"). Bidh Google Analytics a’ cleachdadh "chriomagan", a tha nam faidhlichean teacsa a thèid a chur air a’ choimpiutair agad, gus an làrach-lìn a chuideachadh gus mion-sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha cleachdaichean a’ cleachdadh na làraich-lìn. Thèid am fiosrachadh a chruthaicheas a’ chriomag mu mar a chleachd thu an làrach-lìn (a’ gabhail a-steach do sheòladh IP) a chur gu Google agus a stòradh air frithealaichean anns na Stàitean Aonaichte. Cleachdaidh Google am fiosrachadh seo gus measadh a dhèanamh air mar a chleachd thu an làrach-lìn, a’ cur ri chèile aithisgean air gnìomhachd làrach-lìn airson luchd-obrachaidh làrach-lìn agus a’ toirt seachad sheirbheisean eile co-cheangailte ri gnìomhachd làrach-lìn agus cleachdadh eadar-lìn. Dh’fhaodte gun toir Google am fiosrachadh seo do threas pàrtaidhean nuair a dh’fheumas e sin a dhèanamh a rèir an lagha, no far a bheil treas pàrtaidhean a’ pròiseasadh an dàta às leth Google. Cha cheangail Google an seòladh IP agad ri dàta sam bith eile a th’ aig Google. Faodaidh tu cleachdadh chriomagan a dhiùltadh le bhith a’ taghadh nan roghainnean iomchaidh air do bhrabhsair, ach thoir an aire ma nì thu seo gur dòcha nach urrainn dhut a h-uile foincsean san làraich-lìn seo a chleachdadh. Le bhith a’ cleachdadh na làraich-lìn seo, tha thu a’ toirt cead do Google dàta a phròiseasadh mu do dheidhinn san dòigh agus airson nan adhbharan a tha air am mìneachadh gu h-àrd.

Faodaidh tu an tuilleadan brabhsair opt-a-mach airson Google Analytics a chleachdadh gus stad a chur air dàta bho bhith air a chur chun choimpiutair agad nuair a thadhlas tu air Tasglann Lìn na RA a bhios a’ cleachdadh Google Analytics JavaScript (ga.js) gus sùil a chumail air cleachdadh. Tha an tionndadh beta den opt-a-mach ri fhaighinn airson Internet Explorer, Firefox, agus Chrome, agus faodar a luchdachadh a-nuas an seo: http://tools.google.com/dlpage/gaoptout.

Bidh sinn cuideachd a’ cleachdadh chriomagan airson a bhith a’ tracadh sheiseanan agus a’ stòradh roghainnean làraich, dìreach airson a bhith a’ taisbeanadh nan làraich-lìn san tasglann gu ceart agus gus am bi an làrach-lìn nas fhèarr dhan luchd-cleachdaidh. Tha na làraichean-lìn san tasglann nan lethbhreacan dìleas de na làraichean-lìn beò, agus mar sin dh’fhaodte gum bi JavaScripts gnìomhach ann a bhios a’ suidheachadh chriomagan air a’ choimpiutair agad. Gabhaidh criomagan a chur à comas le bhith ag atharrachadh nan roghainnean prìobhaideachd air na brabhsairean agad.

Iarraidh sinn fios conaltraidh anns na foirmean conaltraidh agus ?mol làrach-lìn’ againn. Thèid am fiosrachadh pearsanta mur deidhinn no mu neach beò sam bith eile a tha clàraichte air na foirmean a làimhseachadh a rèir Achd Dìon Dàta 1998. Tha seo a’ ciallachadh gun tèid a chumail gu tèarainte agus a chleachdadh airson a bhith gad fhreagairt, airson adhbharan rianachd is rannsachaidh taobh a-staigh na buidhne a-mhàin, agus nach tèid a thoirt do phàrtaidh sam bith eile, ach a-mhàin ma tha seo na dhleastanas fon lagh.