An t-ùrachadh mu dheireadh: An t-Iuchar 2021
Ro-ràdh
Tha sinn airson ’s gum bi e comasach dhan àireamh as motha ’s a ghabhas de dhaoine an làrach-lìn seo a chleachdadh. Mar eisimpleir, tha seo a’ ciallachadh gum bu còir cothrom a bhith agad:
ìrean iomsgaraidh agus cruthan-clò atharrachadh
sùmadh a-steach suas ri 200% gun an teacs a bhith a’ dòrtadh far na sgrìn
a’ mhòr-chuid den làraich-lìn a cleachdadh le meur-chlàr a-mhàin
a’ mhòr-chuid den làraich-lìn a cleachdadh le bathar-bog aithneachaidh cainnt a-mhàin
èisteachd ris a’ mhòr-chuid den làraich-lìn le leughadair-sgrìn (a’ gabhail a-steach na tionndaidhean as ùire de JAWS, NVDA agus VoiceOver)
Tha sinn air an teacsa air an làraich-lìn a dhèanamh cho furasta ri thuigsinn ’s a ghabhas.
Tha comhairle ann an AbilityNet mu bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil an t-uidheam agad nas fhasa a chleachdadh ma tha ciorram ort.
Sgòp
Tha Leabharlann Bhreatainn airson ’s gum bi na làraichean-lìn aige so-ruigsinneach, a rèir Riaghailtean So-ruigsinneachd nam Buidhnean Poblach (Làraichean-lìn agus Aplacaidean fòn-làimhe) (Àir. 2) 2018.
Tha an aithris ruigsinneachd seo a’ buntainn ris an làraich-lìn a leanas:
Tasglann-lìn na RA- https://www.webarchive.org.uk/
Dè nì thu mur a tèid agad air pàirtean den làraich-lìn seo a chleachdadh
Ma tha fiosrachadh air an làraich-lìn seo a dhìth ort ann an cruth eile, mar eisimpleir, PDF ruigsinneach, clò mòr, clàradh fuaime no Braille:
• post-d: FOI-Enquiries@bl.uk
• cuir fòn gu: 01937 546 060 (Seirbheis nan custamairean)
• sgrìobh gu: Corporate Information Unit, Leabharlann Bhreatainn, 96 Rathad Euston, Lunnainn, NW1 2DB
Beachdachaidh sinn air an iarrtas agad agus cuiridh sinn fios air ais thugad taobh a-staigh 20 latha obrach.
A’ cur fios thugainn mu dhuilgheadasan ruigsinneachd leis an làraich-lìn seo
Tha sinn daonnan a’ lorg dhòighean gus cur ri so-ruigsinneachd na làraich-lìn seo. Ma lorgas tu duilgheadas sam bith nach eil air a liostadh air an duilleig seo no ma tha thu den bheachd nach eil sinn a’ coileanadh nan riatanasan ruigsinneachd againn, cuir fios gu Ceannard Riaghladh an Fhiosrachaidh Chorporra tro phost-d aig FOI-Enquiries@bl.uk, no ann an sgrìobhadh gu Corporate Information Unit, Leabharlann Bhreatainn, 96 Rathad Euston, Lunnainn, NW1 2DB.
Modh Smachdachaidh
Tha Coimisean na Co-ionannachd agus Còraichean Daonna (EHRC) an urra ri bhith a’ cur an gnìomh Riaghailtean So-ruigsinneachd nam Buidhnean Poblach (Làraichean-lìn agus Aplacaidean fòn-làimhe) (Àir. 2) 2018. Mura h-eil thu toilichte le mar a dhèilig sinn ris a’ ghearan agad, cuir fios chun na Seirbheis Comhairleachaidh is Taic Co-ionannachd (EASS).
A’ cur fòn thugainn no a’ tadhal oirnn
Bidh sinn a’ libhrigeadh seirbheis text relay airson daoine a tha B/bodhar, le trioblaidean claisneachd no aig a bheil trioblaidean labhairt: Fòn teacsa 01937 546 434.
Tha lùban claisneachd aig a h-uile Deasg Fiosrachaidh san Leabharlann, no ma chuireas tu fios thugainn ron turas agad, is dòcha gum bi e comasach dhuinn eadar-mhìnichear Cànan Soidhnidh Bhreatainn (BSL) a chur air dòigh.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu Ruigsinneachd aig Leabharlann Bhreatainn air an làrach-lìn Visit Us website.
Cho ruigsinneach ’s a tha an làrach-lìn seo
Tha fios nach eil cuid de na pàirtean den Làraich seo gu tur ruigsinneach:
Tha an t-susbaint-lìn anns an tasglann seo taobh a-muigh smachd Leabharlann Bhreatainn. Dh’fhaodte gum bi duilgheadasan aig cleachdaichean le bhith a’ cleachdadh na susbaint seo.
Inbhe Gèillidh
Chan eil an làrach-lìn seo a rèir Riaghailtean So-ruigsinneachd nam Buidhnean Poblach (Làraichean-lìn agus Aplacaidean fòn-làimhe) (Àir. 2) 2018. Tha na neo-ghèillidhean agus na saoraidhean air an liostadh gu h-ìosal. Susbaint nach eil fo sgèith nan riaghailtean ruigsinneachd.
Susbaint nach eil ruigsinneach
Tha an t-susbaint a tha air a liostadh gu h-ìosal neo-ruigsinneach airson nan adhbharan a leanas:
Susbaint nach eil fo sgèith nan riaghailtean ruigsinneachd
Tha an t-susbaint san tasglann a tha aig Tasglann-lìn na RA air a saoradh bho na Riaghailtean fo Riaghailt 3(2)(h). Dh’fhaodte gum bi an t-susbaint seo a briseadh Slat-tomhais Soirbheas sam bith ann an WCAG 2.1 AA.
Mar a rinn sinn deuchainn air an làraich-lìn seo
Chaidh lèirmheas a dhèanamh air sampall riochdachail den làraich le AbilityNet san t-Sultain 2020, a’ cleachdadh sreath de dh’innealan ruigsinneachd ùr-nodha a’ gabhail a-steach leughadair-sgrìn (Desktop JAWS 2018 / IE11), am bàr-inneal ruigsinneachd lìn, inneal-anailis iomsgaradh datha, agus innealan dearbhaidh làrach-lìn.
Ullachadh na h-Aithris Ruigsinneachd seo
Rinneadh an t-ùrachadh mu dheireadh san Iuchar 2021.