Skip to main content

Aithris Ruigsinneachd Tasglann-lìn na RA

Ro-ràdh

Tha sinn airson ’s gum bi e comasach dhan uiread ’s a ghabhas de dhaoine na làraichean-lìn seo a chleachdadh. Mar eisimpleir, tha seo a’ ciallachadh gum bu còir cothrom a bhith agad:

  • ìrean iomsgaraidh agus cruthan-clò atharrachadh

  • sùmadh a-steach suas ri 200% gun an teacs a bhith a’ dòrtadh far na sgrìn

  • a’ mhòr-chuid den làraich-lìn a cleachdadh le meur-chlàr a-mhàin

  • a’ mhòr-chuid den làraich-lìn a cleachdadh le bathar-bog aithneachaidh cainnt a-mhàin

  • èisteachd ris a’ mhòr-chuid den làraich-lìn le leughadair-sgrìn (a’ gabhail a-steach na tionndaidhean as ùire de JAWS, NVDA agus VoiceOver)

Tha sinn air an teacsa air an làraich-lìn a dhèanamh cho furasta ri thuigsinn ’s a ghabhas.

Tha comhairle ann an AbilityNet mu bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil an t-uidheam agad nas fhasa a chleachdadh ma tha ciorram ort.

Sgòp

Tha Leabharlann Bhreatainn airson ’s gum bi na làraichean-lìn aige so-ruigsinneach, a rèir Riaghailtean So-ruigsinneachd nam Buidhnean Poblach (Làraichean-lìn agus Aplacaidean fòn-làimhe) (Àir. 2) 2018.

Tha an aithris ruigsinneachd seo a’ buntainn ris an làraich-lìn a leanas:

Cho ruigsinneach ’s a tha an làrach-lìn seo

Tha fios nach eil cuid de na pàirtean den làraich-lìn seo gu tur ruigsinneach:

  • Cha ghabh cuid de na h-eileamaidean a chleachdadh leis a’ mheur-chlàr a-mhàin.

  • Chan eil cuid de na h-eileamaidean, mar eisimpleir, cinn-sgrìobhaidh, putanan rèidio no gliocasan-sgrìn air an cur an cèill gu prògramach agus mar sin chan eil iad ruigsinneach do theicneòlasan cuideachail leithid leughadairean sgrìn.

  • Chan eil cuid de leubailean no stiùireadh airson ion-chur leis an luchd-cleachdaidh, mar eisimpleir am foincsean luirg agus lìonadh foirmean, air am foillseachadh gu prògramach agus mar sin chan eil iad ruigsinneach do theicneòlasan cuideachail leithid leughadairean-sgrìn.

  • Chan eil an teacsa ann an cuid den làraich-lìn a rèir riatanasan a thaobh iomsgaraidh.

  • Tha an t-susbaint-lìn anns an tasglann seo taobh a-muigh smachd Leabharlann Bhreatainn. Dh’fhaodte gum bi duilgheadasan aig cleachdaichean le bhith a’ cleachdadh na susbaint seo.

Dè nì thu mur a tèid agad air pàirtean den làraich-lìn seo a chleachdadh

Ma tha fiosrachadh air an làraich-lìn seo a dhìth ort ann an cruth eile, mar eisimpleir, PDF ruigsinneach, clò mòr, clàradh fuaime no Braille:

• post-d: FOI-Enquiries@bl.uk

• cuir fòn gu: 01937 546 060 (Seirbheis nan custamairean)

• sgrìobh gu: Corporate Information Unit, Leabharlann Bhreatainn, 96 Rathad Euston, Lunnainn, NW1 2DB

Beachdachaidh sinn air an iarrtas agad agus cuiridh sinn fios air ais thugad taobh a-staigh 20 latha obrach.

A’ cur fios thugainn mu dhuilgheadasan ruigsinneachd leis an làraich-lìn seo

Tha sinn daonnan a’ lorg dhòighean gus cur ri so-ruigsinneachd na làraich-lìn seo. Ma lorgas tu duilgheadas sam bith nach eil air a liostadh air an duilleig seo no ma tha thu den bheachd nach eil sinn a’ coileanadh nan riatanasan ruigsinneachd againn, cuir fios gu Ceannard Riaghladh an Fhiosrachaidh Chorporra tro phost-d aig FOI-Enquiries@bl.uk, no ann an sgrìobhadh gu Corporate Information Unit, Leabharlann Bhreatainn, 96 Rathad Euston, Lunnainn, NW1 2DB.

Modh Smachdachaidh

Tha Coimisean na Co-ionannachd agus Còraichean Daonna (EHRC) an urra ri bhith a’ cur an gnìomh Riaghailtean So-ruigsinneachd nam Buidhnean Poblach (Làraichean-lìn agus Aplacaidean fòn-làimhe) (Àir. 2) 2018. Mura h-eil thu toilichte le mar a dhèilig sinn ris a’ ghearan agad, cuir fios chun .

A’ cur fòn thugainn no a’ tadhal oirnn

Bidh sinn a’ libhrigeadh seirbheis text relay airson daoine a tha B/bodhar, le trioblaidean claisneachd no aig a bheil trioblaidean labhairt: Fòn teacsa 01937 546 434.

Tha lùban claisneachd aig a h-uile Deasg Fiosrachaidh san Leabharlann, no ma chuireas tu fios thugainn ron turas agad, is dòcha gum bi e comasach dhuinn eadar-mhìnichear Cànan Soidhnidh Bhreatainn (BSL) a chur air dòigh.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu Ruigsinneachd aig Leabharlann Bhreatainn air an làrach-lìn Visit Us website.

Inbhe Gèillidh

Chan eil an làrach-lìn seo a rèir Riaghailtean So-ruigsinneachd nam Buidhnean Poblach (Làraichean-lìn agus Aplacaidean fòn-làimhe) (Àir. 2) 2018. Tha na neo-ghèillidhean agus na saoraidhean air an liostadh gu h-ìosal.

Susbaint nach eil ruigsinneach

Tha an t-susbaint a tha air a liostadh gu h-ìosal neo-ruigsinneach airson nan adhbharan a leanas.

Neo-ghèilleadh ris na riaghailtean so-ruigsinneachd

Fiosrachadh agus Dàimhean [1.3.1]

  1. Duilgheadas: Chan eil eileamaidean foirm co-cheangailte air an cruinneachadh còmhla. Chan eil bogsaichean-cromaige agus putanan-rèidio air an cruinneachadh gu seimeantaigeach le bhith a’ cleachdadh fieldset. Is dòcha nach bi e comasach do luchd-cleachdaidh leughadair-sgrìn adhbhar, agus na dàimhean eadar, an t-ion-chur agus an leubail aithneachadh gu furasta. Chan eil seo a rèir WCAG 2.1 AA Slat-tomhais 1.3.1

Fuasgladh: Nì sinn cinnteach gum bi smachdan inntrigidh co-cheangailte air an cruinneachadh gu seimeantaigeach gus an aithnich teicneòlasan cuideachail dàimh nan eileamaidean ron Fhaoilleach 2020. Nuair a dh’fhoillsicheas sinn susbaint ùr nì sinn cinnteach gun cleachd sinn smachdan ion-chur ann an dòigh a tha a’ coileanadh nan inbhean ruigsinneachd.

  1. Duilgheadas: Chan eil na cinn-sgrìobhaidh air an structaradh. Bithear a’ foillseachadh eileamaidean cinn-sgrìobhaidh air a’ mhòr-chuid de dhuilleagan a’ tòiseachadh le ceann-sgrìobhadh aig ìre 2. Tha cuid de luchd-cleachdaidh leughadair-sgrìn feumach air eileamaid ceann-sgrìobhaidh ìre 1 air duilleag airson adhbharan treòrachaidh. Chan eil seo a rèir WCAG 2.1 AA Slat-tomhais 1.3.1

Fuasgladh: Nì sinn cinnteach gum bi na prìomh eileamaidean a’ tòiseachadh le cinn-sgrìobhaidh aig ìre 1 ron Fhaoilleach 2020. Nuair a dh’fhoillsicheas sinn susbaint ùr nì sinn cinnteach gun cleachd sinn phrìomh eileamaidean ann an dòigh a tha a’ coileanadh nan inbhean ruigsinneachd.

  1. Duilgheadas: Chan eilear a’ comharrachadh an adhbhair airson ion-chur anns an eileamaid ion-chuir a tha a’ gabhail a-steach URL bhon chleachdaiche oir chan eil feart fèin-lìonaidh ann.
    Le bhith a’ dèanamh seo dh’fhaodadh adhbhar an in-chuir a bhith air a dhearbhadh gu prògramach le teicneòlasan taice. Chan eil seo a rèir WCAG 2.1 AA Slat-tomhais 1.3.5

Fuasgladh: Bheir sinn seachad feart fèin-lìonaidh gus leigeil le teicneòlasan cuideachail luachan cumanta a thaisbeanadh ron Fhaoilleach 2020. Nuair a dh’fhoillsicheas sinn susbaint ùr nì sinn cinnteach gun cleachd sinn seòrsaichean ion-chur (input purposes)ann an dòigh a tha a’ coileanadh nan inbhean ruigsinneachd.

Iomsgaradh [1.4.3]

  1. Duilgheadas: Chan eil teacsa a rèir riatanasan a thaobh iomsgaraidh. Faodaidh an dath teacsa lag buaidh a thoirt air luchd-cleachdaidh le duilgheadasan fradhairc. Chan eil seo a rèir WCAG 2.1 AA Slat-tomhais 1.4.3

Fuasgladh: Cleachdaidh sinn teacsa nas duirche gus am bi iomsgaradh nas àirde ann ron Fhaoilleach 2020. Nuair a dh’fhoillsicheas sinn susbaint ùr, nì sinn cinnteach gun tèid ìre iomsgaraidh de 4:5:1 a chleachdadh aig an ìre as lugha.

Ath-shruth [1.4.10]

  1. Duilgheadas: Bidh an seòladh-clì a’ dol à sealladh nuair a thèid a leudachadh gu 400%, is dòcha nach bi e comasach do luchd-cleachdaidh na criathragan a chleachdadh mar thoradh air sin. Chan eil seo a rèir WCAG 2.1 AA Slat-tomhais 1.4.10

Fuasgladh: Nì sinn cinnteach nach tèid feartan a chall nuair a thèid an duilleag a leudachadh suas gu 400%. Nuair a dh’fhoillsicheas sinn susbaint ùr, nì sinn cinnteach nach tèid feartan a chall nuair a thèid an duilleag a leudachadh suas gu 400%.

Meur-chlàr [2.1.1]

  1. Duilgheadas: Cha ghabh fòcas a chur air eileamaidean eadar-ghnìomhach leis a’ mheur-chlàr. Cha bhi am putan “X” - “falmhaich a' chriathrag” - agus am putan “air ais dhan duilleig mu dheireadh” a’ faighinn fòcas a’ mheur-chlàr nuair a choimheadas tu orra bhon bhrabhsair desktop. Cha ghabh eileamaidean le putanan a chleachdadh le cleachdaidhean meur-chlàir. Ged a ghabhas an eileamaid a ruigsinn leis na h-iuchraichean saighde, chan eilear a’ leughadh a-mach an leubail no na foincseanan a tha rim faighinn. Chan ghabh an eileamaid le putanan a chleachdadh nuair a thathar a’ cleachdadh leughadair-sgrìn. Mar thoradh air seo, dh’fhaodte nach urrainn do chleachdaichean a dh’fheumas meur-chlàr agus daoine gun fhradharc eadar-obrachadh leis an eileamaid. Chan eil seo a rèir WCAG 2.1 AA Slat-tomhais 2.1.1

Fuasgladh: Nì sinn cinnteach gun gabh na h-eileamaidean eadar-ghnìomhach a chleachdas tomhaire na luchaige a chleachdadh le iuchraichean a’ mheur-chlàir cuideachd ron Fhaoilleach 2020. Nuair a dh’fhoillsicheas sinn susbaint ùr nì sinn cinnteach gun cleachd sinn eileamaidean eadar-ghnìomhach ann an dòigh a tha a’ coileanadh nan inbhean ruigsinneachd.

  1. Duilgheadas: Chan eil glac meur-chlàr ann. Nuair a bhios cleachdaichean a’ gluasad dhan ghliocas-sgrìn ghnàthaichte air panal nan criathrag, thèid fòcas a ghlacadh. Mar thoradh air an sin, chan urrainn do chleachdaichean meur-chlàr agus leughadair-sgrìn an t-susbaint taobh a-staigh na duilleige a sgrùdadh gun a bhith a’ cleachdadh eadar-obrachadh le luch. Chan eil seo a rèir WCAG 2.1 AA Slat-tomhais 2.1.2

Fuasgladh: Nì sinn cinnteach nach eil fòcas air a ghlacadh air a’ ghliocas-sgrìn ron Fhaoilleach 2020. Nuair a dh’fhoillsicheas sinn susbaint ùr nì sinn cinnteach gun cleachd sinn eileamaidean eadar-ghnìomhach ann an dòigh a tha a’ coileanadh nan inbhean ruigsinneachd.

Cànan na susbaint [3.1.2]

  1. Duilgheadas: Chan eil cànanan cèin air an comharrachadh. Chan eil cànan ann an cànan cèin seach prìomh chànan na sgrìobhainn air a’ chomharrachadh le còd cànain iomchaidh. Dh’fhaodte gun cleachd cuid de na leughadairean-sgrìn na roghainnean cànain làithreach gus an làrach-lìn air fad a leughadh - chan e sin na bhiodh sinn an dùil. Chan eil seo a rèir WCAG 2.1 AA Slat-tomhais 3.1.2

Fuasgladh: Cuiridh sinn feart cànain air dòigh leis a’ chòd cànain iomchaidh airson eileamaidean anns a bheil cànan cèin ron Fhaoilleach 2020. Nuair a dh’fhoillsicheas sinn susbaint ùr, nì sinn cinnteach gun comharraich sinn teacsa ann an cànan cèin ann an dòigh iomchaidh.

Ion-chur [3.2.2]

  1. Duilgheadas: Tha tar-chòmhdachadh an làthair nuair a thèid am putan luirg a phutadh. Nuair a thèid am putan luirg a chur an gnìomh, thèid tar-chòmhdachadh a shealltainn agus thèid fòcas a’ mheur-chlàir a chall. Nuair a tha an tar-chòmhdachadh mu adhartas deiseil, thèid am fòcas ath-shuidheachadh aig mullach na duilleige. Dh’fhaodte nach bi fios aig cleachdaichean gun fhradharc mu na h-atharrachaidhean air an sgrìn agus dh’fhaodte gun adhbharaich seo troimhe-chèile. Chan eil seo a rèir WCAG 2.1 AA Slat-tomhais 3.2.2

Fuasgladh: Cuiridh sinn teacsa air dòigh airson an leughadair-sgrìn a-mhàin a bhios a’ cur an cèill dhan chleachdaiche na tha a’ tachairt leis an tar-chòmhdachadh ron Fhaoilleach 2020. Nuair a dh’fhoillsicheas sinn susbaint ùr nì sinn cinnteach gun cleachd sinn eadar-obrachadh le uidheaman-smachd ann an dòigh a tha a’ coileanadh nan inbhean ruigsinneachd.

Leubailean no stiùiridhean [3.3.2]

  1. Duilgheadas: Chan eil an leubail glèidheadair-àite air a leughadh a-mach leis an leughadair-sgrìn. Tha an ceann-latha air a chur ann tro theacsa glèidheadair-àite agus chan eil e air a leughadh a-mach leis an leughadair-sgrìn. Dh’fhaodte nach bi fios aig cleachdaichean leughadair-sgrìn air an fhòrmat a tha a dhìth airson nan raointean ion-chuir. Chan eil seo a rèir WCAG 2.1 AA Slat-tomhais 3.3.2

Fuasgladh: Nì sinn cinnteach gu bheil fòrmat a’ chinn-latha ri fhaicinn ri taobh an leubail an àite a bhith a’ nochdadh mar ghlèidheadair-àite gus dèanamh cinnteach gun tèid an leubail a leughadh a-mach le leughadair-sgrìn ron Fhaoilleach 2020. Nuair a dh’fhoillsicheas sinn susbaint ùr nì sinn cinnteach gun cleachd sinn leubailean ann an dòigh a tha a’ coileanadh nan inbhean ruigsinneachd.

Ainm, dleastanas, luach [4.1.2]

  1. Duilgheadas: Chan eil putanan-rèidio gnàthaichte air an comharrachadh gu seimeantaigeach leis an dleastanas, ainm agus staid iomchaidh. Dh’fhaodte nach bi e comasach do chleachdaichean leughadair-sgrìn adhbhar no dòigh-obrachaidh nan uidheaman-smachd aithneachadh mur eil co-theacsa seimeantaigeach gu leòr air a chur ris. Chan eil seo a rèir WCAG 2.1 AA Slat-tomhais 4.1.2

Fuasgladh: Cleachdaidh sinn eileamaidean rèidio HTML dùthchasach gus dèanamh cinnteach gum bi làn thaic ruigsinneachd aig a h-uile brabhsair agus teicneòlas cuideachaidh ron Fhaoilleach 2020. Nuair a dh’fhoillsicheas sinn susbaint ùr nì sinn cinnteach gun cleachd sinn putanan-rèidio ann an dòigh a tha a’ coileanadh nan inbhean ruigsinneachd.

  1. Duilgheadas: Chan eil bogsa-cromaige gnàthaichte air an comharrachadh gu seimeantaigeach leis an dleastanas, ainm agus staid iomchaidh. Dh’fhaodte nach bi e comasach do chleachdaichean leughadair-sgrìn adhbhar no dòigh-obrachaidh nan uidheaman-smachd aithneachadh mur eil co-theacsa seimeantaigeach gu leòr air a chur ris. Chan eil seo a rèir WCAG 2.1 AA Slat-tomhais 4.1.2

Fuasgladh: Cleachdaidh sinn eileamaidean bogsa-cromaige HTML dùthchasach gus dèanamh cinnteach gum bi làn thaic ruigsinneachd aig a h-uile brabhsair agus teicneòlas cuideachaidh ron Fhaoilleach 2020. Nuair a dh’fhoillsicheas sinn susbaint ùr nì sinn cinnteach gun cleachd sinn bogsaichean-cromaige gnàthaichte ann an dòigh a tha a’ coileanadh nan inbhean ruigsinneachd.

  1. Duilgheadas: Chan eil gliocas-sgrìn gnàthaichte air a chomharrachadh le ARIA. Gabhaidh putanan nan gliocasan-sgrìn air panal nan criathrag a chur am fòcas agus a chur an gnìomh leis a’ mheur-chlàr a-mhàin ach tha duilgheadasan ann le uidheam-smachd nan gliocasan-sgrìn nuair a tha thu gan cleachdadh le leughadair-sgrìn: cha bhi e ga leughadh a-mach leis an staid cheart agus cha tèid teacsa a’ ghliocais-sgrìn a leughadh a-mach leis an leughadair-sgrìn. Dh’fhaodte nach cluinn cleachdaichean leughadairean-sgrìn leubail a’ phutain no teacsa a’ ghliocais-sgrìn. Chan eil seo a rèir WCAG 2.1 AA Slat-tomhais 4.1.2

Fuasgladh: Nì sinn cinnteach gu bheil an gliocas-sgrìn air a chomharrachadh ron Fhaoilleach 2020. Nuair a dh’fhoillsicheas sinn susbaint ùr nì sinn cinnteach gun cleachd sinn gliocasan-sgrìn ann an dòigh a tha a’ coileanadh nan inbhean ruigsinneachd.

Teachdaireachdan staide [4.1.3]

  1. Duilgheadas: Chan eil am bàr adhartais air a leughadh a-mach leis an leughadair-sgrìn. Nuair a thèid am putan luirg a chur an gnìomh, thèid tar-chòmhdachadh a shealltainn ach cha bhi inbhe adhartais an luirg air a leughadh a-mach leis an leughadair-sgrìn. Dh’fhaodte nach bi fios aig cleachdaichean gun fhradharc mu na h-atharrachaidhean air an sgrìn agus dh’fhaodte gun adhbharaich seo troimhe-chèile. Chan eil seo a rèir WCAG 2.1 AA Slat-tomhais 4.1.3

Fuasgladh: Nì sinn cinnteach gun tèid an teachdaireachd mu adhartas luirg a leughadh a-mach leis an leughadair-sgrìn ron Fhaoilleach 2020. Nuair a dh’fhoillsicheas sinn susbaint ùr nì sinn cinnteach gun cleachd sinn teachdaireachd staide ann an dòigh a tha a’ coileanadh nan inbhean ruigsinneachd.

Susbaint nach eil fo sgèith nan riaghailtean ruigsinneachd

Tha an t-susbaint san tasglann a tha aig Tasglann-lìn na RA air a saoradh bho na Riaghailtean fo Riaghailt 3(2)(h). Dh’fhaodte gum bi an t-susbaint seo a briseadh Slat-tomhais Soirbheas sam bith ann an WCAG 2.1 AA.

Mar a rinn sinn deuchainn air an làraich-lìn seo

Chaidh an deuchainn mu dheireadh a dhèanamh air an làraich-lìn seo air 05 Sultain 2019. Chaidh lèirmheas a dhèanamh air sampall riochdachail den làraich le AbilityNet, a’ cleachdadh sreath de dh’innealan ruigsinneachd ùr-nodha a’ gabhail a-steach leughadair-sgrìn (Desktop JAWS 2018 / IE11), am bàr-inneal ruigsinneachd lìn, inneal-anailis iomsgaradh datha, agus innealan dearbhaidh làrach-lìn.

Ullachadh na h-Aithris Ruigsinneachd seo

Chaidh an aithris seo ullachadh air 13mh Sultain 2019. Chaidh ùrachadh mu dheireadh air 13mh Sultain 2019.