Skip to main content

Poileasaidh Chriomagan

Dè th’ ann an criomagan

’S e a th’ ann an criomagan ach faidhlichean teacsa a bhios làraichean-lìn a’ sàbhaladh air a’ choimpiutair agad. Gu tric, tha àireamh air thuaiream mar phàirt den chriomaig agus thèid seo a stòradh air a’ choimpiutair agad. Tha criomagan air an cleachdadh gu tric gus am brabhsadh a dhèanamh nas fheàrr dhut, gus coileanadh nan làraichean-lìn a mheasadh agus gus taic a chumail ri lìbhrigeadh sheirbheisean. Mur eil thu air na roghainnean sa bhrabhsair agad atharrachadh gus criomagan a dhiùltadh, foillsichidh na siostaman againn criomagan nuair a thadhlas tu air an làraich-lìn againn.

Ciamar a bhios sinn a’ cleachdadh chriomagan?

Bidh an làrach-lìn againn a’ cleachdadh chriomagan gus am bi an làrach-lìn againn nas fhasa a chleachdadh agus gus am bi turas nas fheàrr agad gu Tasglann-lìn na RA.

Bidh tasglann-lìn na RA a’ cruthachadh ceithir criomagan aig an àm seo:

JSESSIONID - thèid seo a chruthachadh aig toiseach gach seisein, nuair a dh’fhosglas tu am brabhsair agad agus nuair a thèid thu dhan làraich-lìn againn. Le criomagan seisein, is urrainn dhan làraich-lìn sùil a chumail air mar a ghluaiseas tu bho dhuilleag gu duilleag, gus nach tèid iarraidh ort fiosrachadh a chur ann a tha thu air toirt dhan làraich mar-thà. Leis na criomagan seo, gabhaidh d’ aithneachadh taobh a-staigh na làraich-lìn agus thèid atharrachadh sam bith air duilleag no dàta no nì sam bith a thaghas tu a chuimhneachadh bho dhuilleag gu duilleag. Mar as trice, thèid na criomagan seisein a sguabadh às leis a’ bhrabhsair-lìn agad nuair a thèid a dhùnadh.

collections_display - leis a’ chriomaig seo, is urrainn dhan làraich-lìn againn cuimhneachadh air mar a tha thu airson’s gun tèid na cruinneachaidhean Sònraichte againn a thaisbeanadh - mar dhealbhagan no mar liosta. Thèid a chruthachadh a’ chiad turas a thèid thu gu duilleag nan Cuspairean is Tèaman

.cookies_accepted - thèid seo a chleachdadh gus sealltainn gum faca agus gun do ghabh thu ris an teachdaireachd mu bhith a’ gabhail ri criomagan. Thèid a chruthachadh an uair is gun daingnich thu gum faca tu an teachdaireachd le bhith a’ briogadh air a’ phutan "OK". Cha tèid an teachdaireachd mu bhith a’ gabhail ri criomagan a shealltainn ach aon turas a-mhàin airson gach cleachdaiche.

survey_viewed - tha seo a’ comharrachadh gum faca tu suirbhidh do chleachdaichean a tha sinn air cur air an làraich-lìn againn rè ùine.

A’ measadh coileanadh na làraich-lìn: feumaidh an làrach-lìn againn dearbhadh gu bheil e a’ lìbhrigeadh luach an airgid ann a bhith a’ lìbhrigeadh fiosrachaidh. Le bhith a’ cumail sùil air cleachdadh na làraich-lìn againn tro chriomagan, tha seo a’ cuideachadh an sgioba againn gus obrachadh a-mach dè na duilleagan as fheumaile do na cleachdaichean againn, agus gus duilleagan nach eil a cheart cho feumail dhaibh a dhèanamh nas fheàrr. Cleachdaidh sinn criomagan cuideachd gus sùil a chumail air àireamh an luchd-tadhail. Cha tèid fiosrachadh pearsanta sam bith ach a-mhàin an seòladh IP agad a chruinneachadh mar phàirt den phròiseas seo.

Gus dèanadas na làraich-lìn a mheasadh, cleachdaidh sinn Google Analytics. Cruthaichidh an t-seirbheis seo criomagan. Thèid an cleachdadh anns na dòighean a tha air am mìneachadh an seo: https://developers.google.com/analytics/devguides/collection/analyticsjs/cookie-usage

Càite am faigh mi barrachd fiosrachaidh mu chriomagan is mu bhith gan cur dheth no gan sguabadh às?

Faigh a-mach barrachd mu chriomagan aig www.aboutcookies.org, a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu bhith a’ cumail smachd orra is mu bhith gan sguabadh às airson nam brabhsairean-lìn mòra uile.

Faodaidh tu criomagan a bhacadh le bhith a’ cur air an roghainn air a’ choimpiutair agad a tha a’ leigeil leat cuid de na criomagan, no na criomagan uile, a dhiùltadh. Ach mas is e is gun cleachd thu am brabhsair agad gus bacadh a chur air na criomagan air fad (a’ gabhail a-steach criomagan a tha riatanach) dh’fhaodte nach bi cothrom agad air pàirtean de na làraichean againn, no faodaidh nach obraich a h-uile rud nuair a chleachdas sibh cuid de na Seirbheisean. Mur eil thu air am brabhsair agad atharrachadh gus criomagan a dhiùltadh, foillsichidh an siostam againn criomagan nuair a thadhlas tu air an làraich-lìn againn.

Airson fiosrachadh mu bhith a’ sguabadh às chriomagan bhon bhrabhsair air an fhòn-làimhe agad, faic leabhar-làimhe an fhòn-làimhe agad.