Dè an obair a th’ againn?
’S e an t-amas aig Tasglann-lìn na RA a bhith a’ cruinneachadh Raoin-lìn uile na RA gach bliadhna.
Thathar a’ cruthachadh, ag atharrachadh no a’ cur às do làraichean-lìn fad an t-siubhail. Tha an t-susbaint neo-sheasmhach seo a’ toirt dhuinn fianais chudromach air saoghal an latha an-diugh. Tha Tasglann-lìn na RA ag amas air an t-susbaint seo a shàbhaladh is a ghleidheadh agus air cothrom a thoirt oirre do luchd-rannsachaidh aig an àm seo agus san àm ri teachd (acadaimigeach no eile).
Co-dhiù aon turas gach bliadhna, nì sinn ?trusadh’ fèin-obrachail gus an uiread as motha ’s a ghabhas de làraichean-lìn na RA a ghlacadh is a ghleidheadh. Tron obair seo, thèid na milleanan de làraichean-lìn is na billeanan de dh’fhaidhlichean fa leth a chruinneachadh (duilleagan html, dealbhan, pdf's, bhidiothan is mar sin air adhart.)
Bidh sinn a’ sàbhaladh taghadh de làraichean-lìn nas trice (cuid dhiubh gach latha).
A bharrachd air seo, bidh sinn a’ cur fòcas air cruinneachadh de làraichean-lìn air tachartasan no cuspairean sònraichte agus bidh sinn gan cur còmhla mar Chruinneachadh Sònraichte.
’S e dìreach susbaint air an lìon fhosgailte a thèid a chruinneachadh, cha tèid rud sam bith a tha prìobhaideach a chruinneachadh. Cha tèid post-d no rud sam bith air cùl log a-steach prìobhaideach a chruinneachadh. Cha tèid ach glè bheag de shusbaint bho na meadhanan sòisealta a chruinneachadh ('s e taghadh de tweets bho twitter as motha a thèid a chruinneachadh).
Feuch na Ceistean Cumanta airson barrachd fiosrachaidh.

Cò sinne
Tha Tasglann-lìn na RA a’ riochdachadh nan Leabharlannan-tasgaidh Reachdail uile:
- Leabharlann Bhreatainn
- Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh
- Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
- Leabharlannan Bodleian, Oilthigh Oxford
- Leabharlannan Oilthigh Cambridge
- Coláiste na Tríonóide, Baile Átha Cliath
Cuidich sinn gus cur ris an tasglann
Ged a tha sinn a’ feuchainn ri gach làrach-lìn san RA a chruinneachadh, tha fios againn gum bi sinn a’ call tòrr aca a chionn 's nach eil iad air àrainn .uk no gu bheil iad air frithealaiche suidhichte taobh a-muigh na RA. A bheil thu eòlach air làrach-lìn stèidhichte san RA a bu chòir a bhith air a gleidheadh? Mol an seo i.
